Текст песни «Runrig - A Reiteach»


A+ A-

Bidh mo leannan geal is alainn
Le briathran geallaidh thar chaich
Bidh sinn druidhe an smuid an aoibhnis
An oidhche phosas mo run

Nam shuidhe cluinntinn ceol a' reitich
'S duilich cuir an aghaidh dan
A' feitheamh son na lamh a' mhaireas
An oidhche phosas mo run

Togaidh sinn horo-ghealaidh
Horo-ghealaidh horo
Togaidh sinn horo-ghealaidh
Horo-ghealaidh horo
Ghealaidh horo, horo-ghealaidh
Horo togaidh horo
Ghealaidh horo, horo-ghealaidh
Horo togaidh horo

Tog glainne mhor na slainte
Thoir an cearcall chun an lar
Theid sinn cuairt taobh cuil na gealaich
An oidhche phosas mo run

Tha I na seasamh aig a' reiteach
Theid na reultan bun os cionn
'S theid a' ghrian air chall gu madainn
An oidhche phosas mo run

Togaidh sinn horo-ghealaidh
Horo-ghealaidh horo
Togaidh sinn horo-ghealaidh
Horo-ghealaidh horo
Ghealaidh horo, horo-ghealaidh
Horo togaidh horo
Ghealaidh horo, horo-ghealaidh
Horo togaidh horo