Текст песни «Runrig - Sraidean Na Roinn-Eorpa»


A+ A-

Chuir mi mo chul ri Lunnainn
An samhradh air m'aodann
'S mi air sraidean mor na Roinn-Eorpa
'S mi le mo run, le m'anam, mo bhratach
Mo ghrian, mo ghealach ur
'S sheas mi 's na aiteachan a sheas m'athair
'S iomadh cogadh a tha ann airson saorsa
Da fhichead bliadhna 's an dileab air fhagail
Briathran do linn 's do sheorsa

Baile beag anns a' Ghearmailt
Gruagach cho boidheach
Le suilean lan sonas is bron
Thuirt I "a bheil fhios agaibh fhein,
An t-sochair 'tha agaibh?
Tha eallach eachraidh air
Mo ghuaillean cho trom"
Chrath sinn lamhan, 's dh'fhalbh I a' seinn
An dan tha domhainn, 's gach anam de dhaoine
Dh'fhag mi I le blas beag de mo dhuthaich
Dh'fhag I mi leis a' chompanas ur

Tha na brataich a' snamh
An cuan de dhathan
Do chanan binn an cluas na Roinn-Eorpa
Tha na sraidean beo le cainnt 's togair
Sraidean am Babel ur
'S thusa mo run, tha cothrom mad choinneamh
Tha do chliu air 'dhol tarsainn an cuan
Thusa tha meanbh, bi laidir, bi alainn
Taisbean do chanan, bi buan